Allan Campbell – 5.10.23

Bidh a’ mhòr-chuid eòlach air suidheachadh far am feumar feitheamh ùine ri goireas, neo leasachadh, air choreigin ri linn ’s nach eil an t-airgead againn gus sin a cheannach, agus san t-seadh sin carson a bhiodh e na dhragh neo gu ìre na annas dhuinn nuair a nì riaghaltas sam bith a leithid? Saoilidh mise gur e earbsa am prìomh eadar-dhealachadh eadar an dà shuidheachadh, leis gum bi partaidhean poilitigeach a’ toirt gheallaidhean manifesto gus taic an t-sluaigh a thàladh agus gum bheil e nàdarra gum biodh dùil aig daoine gun tèid na geallaidhean sin a choileanadh. Ma tha partaidh poilitigeach a meas leasachadh a bhith deatamach gu leòr gus a shònrachadh ann am manifesto cionnas a dh’atharraicheas mòr-chudromachd an amais sin chun na h-ìre ’s gun gabh a leigeil às? Saoilidh mi gur e trioblaid le siostam riaghlaidh deamocratach gum bheil mion-choimhearsnachdan daonnan air leth-chois mar gum biodh, agus mòr-shluagh a’ toirt buaidh orra car mar a thachair nuair a’ bhòt Buill Chomhairle na Gàidhealtachd sgoil ùr a thogail ann an sgìre Inbhir Nis seach cruaidh fheumalachd choimhearsnachd Dhùn Bheagain a leasachadh!

Ach ’s ann air cuspair mòran nas fharsainge a tha mi airson beachdachadh an-diugh, agus ‘s e sin còraichean co-ionannachd bhoireannach. Thug boireannaich Bhreatann faisg air ceud bliadhna a’ strì airson còraichean bhòtaidh, agus fiù ’s nuair a chaidh Achd Pàrlamaid aontachadh goirid às dèidh a’ Chiad Chogaidh a’ toirt na cead sin dhaibh bha cothrom bhòtaidh aig fir bho aois bliadhna air fhichead. Cha robh a’ chead sin aig boireannaich chun am biodh iad deich bliadhna fichead, agus chaidh deich bliadhna eile seachad mun d’ fhuair iad co-ionannachd cothroim ann an taghaidhean poilitigeach. ’S dòcha gur e sin pàirt den adhbhar gum bheil còrr air a dhà uimhir fhireannach nam Buill Pàrlamaid ann an Lunnainn na th’ ann de bhoireannaich, agus theagamh nach robh e na annas gun deach a’ bhuidheann carthannais eadar-phartaidh 50:50 Parliament a stèidheachadh gus feuchainn ri co-ionannachd gnè a chothromachadh ann am poilitigs Bhreatann. B’ ann an 1919 a chaidh Nancy Astor a taghadh mar Bhall Pàrlamaid, a’ chiad bhoireannach riamh a chaidh gu ruig Taigh nan Cumantan, agus ged a tha cùisean air tighinn air adhart beag air bheag bhon uairsin chan eil fhathast ach beagan is trian de Bhuill boireann ann an Westminster. Bho chionn ghoirid nochd stiùiriche 50:50 Parliament beachd gum faodadh gun toir e ceathrad bliadhna eile mus bi cothromachadh gnè am measg Bhall Pàrlamaid Bhreatann, agus còrr air ceud bliadhna feadh an t-saoghail! Saoilidh mi gum bheil e da-rìribh annasach, an dèidh strì nam bliadhnaichean, gum bheil boireannaich fhathast a’ fulang dìth co-ionannachd chòraichean ann an uimhir de shuidheachaidhean. Theagamh gum bheil an ìre ’s gum bheil sin a’ tachairt ann am buidhnean poblach na adhbhar iomagain shònraichte!

Chaidh Achd na Co-ionannachd 2010 a steidheachadh gus sluagh a dhìon bho leth-bhreith de gach seòrsa, ach a rèir ’s mar a tha a’ tachairt theagamh gum bheil mòr-fheum air sgioblachadh a thoirt air an reachdas.

It took nearly a century of campaigning from early in the 18th century until women won the right to vote shortly after the First World War, but while the Act entitled all men to vote at age 21 women could only do so at 30! Ten more years were to pass before women achieved equality of rights to vote.

According to the cross-party supported charity 50:50 Parliament, established to encourage more women into politics and Parliament, only slightly more than a third of Westminster MPs are currently female. The charity estimates that it will take another 40 years to achieve equality of gender representation at Westminster, and probably well over a century to achieve that worldwide.

The UK Equality Act 2010 absorbed the functions of 116 pieces of legislation established to protect against discrimination on a variety of grounds including gender, religion, and race.  It seems extraordinary that despite such an Act, and a century on from winning the right to vote, women still appear to regularly face discrimination within a civilised democracy. It is particularly worrying that such discrimination is also happening within public sector entities.

Is the 2010 Equality Act in need of urgent review to reinforce women’s rights, or is the problem an even more challenging one of machismo and ignorance?