Dihaoine seo chaidh bha aire mòr-shluagh air a’ charthannas Clann ann an Èis aig a’ BhBC, agus gum meal na h-uile a bha an sàs ann a bhith a’ cur ris an t-suim ainmeil £33,513,325 not a chaidh a thogail. Theagamh gum bheil fiù ’s tuilleadh ri tighinn a-staigh nuair a tha mise a’ sgrìobhadh seo, ach gun teagamh tha sluagh na dùthcha air coibhneas agus fialaidheachd mhòr a nochdadh am-bliadhna a-rithist, agus buannaichidh iomadh pàiste feadh Bhreatainn ri linn sin. Chan eil teagamh nach eil cumhachd telebhisein na chuideachadh anns an iomairt bhliadhnail seo, agus saoilidh mise gum bheil e làn-iomchaidh dhan BhBC sin a chleachdadh anns an dòigh sam bheil e ga dhèanamh.

Leis a’ chomas fianais a thoirt air cuid de na dòighean sam bheil airgead ga chur an sàs gus faothachadh is taic a thoirt dha, mar eisimpleir clann chiorramach agus cuid de phàrantan, tha daoine air am brosnachadh an tuilleadh taice a thoirt seachad. Aig àm sam bheil cupa cofaidh dol a chosg còrr air dà not aig a’ char as lugha, agus mòran nas motha na sin ann an iomadach àite, saoilidh mi gum bheil e nas fhasa ruigheachd air beagan a thoirt dha carthannas a tha cho prìseil. Tha e cuideachd fìor a ràdh gum bheil daoine anns an fharsaingeachd nas bàidheile dha carthannais a tha a’ frithealadh agus a’ cuideachadh chloinne.

Aig an aon àm, mar a tha mi air a thogail an seo iomadh uair roimhe ’s e tàmailt, neo theagamh fiù ’s masladh, a th’ ann gum bheil uimhir de dhùbhlain shòisealta an urra ri carthannais airson taic sam bith. Saoilidh mòran againn gum bheil ceist gu math bunaiteach ri freagairt air leithid sin ann an tè de na dùthchannan, a rèir aithris, as beartaiche san t-saoghal. Ach air an làimh eile theagamh gur e cho beag cogais ’s a tha nochdte dha bochdainn agus easbhaidh shòisealta a tha a’ cruthachadh cuid den bheartas sin! Anns an aithisg UK Poverty 2023 tha Stèidheachd Iòsaph Rowntree (JRF) ag innse gum bheil 29 às gach ceud pàiste-sgoile (9 às gach clas de 30) beò ann am bochdainn, 4.5 millean gu lèir! Chan iongnadh Buidheann Gnìomha Bhochdainn Chloinne (CPAG) a bhith ag iomairt gus toirt air Riaghaltas Bhreatann leasachaidhean susbainteach a chur air dòigh a thogas òigridh à suidheachaidhean cho dòrainneach. Chan eil Alba saor bhon trioblaid a bharrachd, agus ged a tha CPAG a’ moladh an adhartais an seo tha feum air tuilleadh gluasaid.

Ach saoil nach robh èis chloinne, agus inbhich Israel, agus a-nise Ghaza cho oillteil ri dad a chunnacas riamh? Cha ghabh e bhith gum bheil moraltachd ann am murt gun chleith air daoine neoichiontach mar fhreagairt dìoghaltais air Hamas! Ach aig an aon àm, le còrr air dà cheud de shluagh Iosaraileach aca am bruid agus ceannaircich Hamas a’ falach air chùl shìobhaltach Phalastaineach na dùthcha, tha e doirbh smaoineachadh ciamar a ghabhas crìoch fhaotainn air a’ chath bhrùideil seo.

Last Friday’s annual BBC Children in Need broadcast reported another staggering result of over £33.5 million raised for the charity, proving again the power of television in encouraging donations by showing the impact of the funds in action. The result also demonstrates how people respond so positively to child-focused charities, and happily many disadvantaged children, and parents, will benefit!

At the same time many will rightly despair that so many children are dependent on charity to alleviate disabilities, deprivation, and poverty, in one of the world’s allegedly wealthiest countries. According to the Joseph Rowntree Foundation report UK Poverty 2023, 29 per cent of UK children live in poverty, equivalent to 9 in each class of 30 children, a scandalous total of 4.5 million!  While Child Poverty Action Group acknowledge that Scotland has done more to address this situation it stresses that more action is urgently required here too.

Meanwhile, surely the children of Gaza are among the world’s most needy now! While Hamas’s slaughter of innocents and hostage-taking can never be forgiven, Israel’s “collateral damage” philosophy in randomly killing Palestinian civilians cannot continue either.