Beachd Ailein – 23 An t-Samhain 2023

Gann ceithir seachdainean gu latha na Nollaige, agus chan iongnadh liostaichean phrèasantan a bhith gan deasachadh thall ’s a-bhos!

Abair atharrachadh bho àm m’ òige fhìn, ged a bhiomaid theagamh a’ miannachadh rudeigin cha robh cinnt sam bith againn dè nochdadh latha na Nollaige. B’ e fìrinn na cùise gun robh airgead gann agus dh’fheumadh pàrantan roinn agus taghaidhean faiceallach a dhèanamh eadar an cuid chloinne.

Gu mì-fhortanach tha mòran ann am bochdainn an-diugh cuideachd ach tha cairtean-creideis a’ ciallachadh gun tèid aca air gèilleadh ri iarrtasan liostaichean Nollaige, fiù ’s ged a bhiodh iad ann an tuilleadh bochdainn a’ pàigheadh nam fiachan sin fad na bliadhna às a dhèidh. Ach tha eachdraidh ag innse dhuinn gur ann am bochdainn a thòisich Nollaig, neo co-dhiù toiseach Crìosdachd, nuair a rugadh an naoidhean Iòsa Crìosd ann an stàball agus a chaidh a phasgadh ann am frasaich leis nach robh creathail ann dha.

Gu cinnteach, agus gu muladach, tha mìltean feadh an t-saoghail a bhios an dòchas ri faothachadh de dh’iomadh seòrsa, furtachd air am bheil iad air a bhith a’ feitheamh fad ùine. Cha bhi seo air liosta Nollaige sam bith, gu dearbh ’s neònach ma tha leithid sin idir aca, ach bidh e aig bàrr an cuid ùrnaighean gun tig cobhair fhad ’s a tha iad beò.

Cò nach d’ rinn toileachas a’ faicinn cuid den fheadhainn a bha am bruid ann an Gaza, clann fo aois sgoile nam measg, gan saoradh is gan tilleadh gu cuideachd an gaoil? Agus clann gan saoradh air an taobh eile cuideachd, cuid a th’ air a bhith fo bhinn bhliadhnaichean prìosain aig Israel, agus cuid air an glasadh gun chasaid dearbhte nan aghaidh. Chaidh mìltean a mharbhadh thar seachd seachdainean cogaidh brùideil anns am bheil ceannaircich Hamas air a bhith am falach air chùl shìobhaltach agus far am bheil ceannardan Iosaraileach, air bhoil le feirg, air a bhith a’ sgrios Ghaza

le dìoghaltas neo-thròcaireach. Nach bu mhìorbhaileach an tiodhlac Nollaige e nan gabhadh an stad-fòirneart sìneadh chun am biodh na tha fo bhruid ann an Gaza air an saoradh, agus feadhainn a tha fo ghlais gun dìteadh ann an Israel cuideachd a’ faotainn dhachaigh. Cha b’ ann a-mhàin dha na teaghlaichean air gach taobh a bhiodh seo na thiodhlac, ach dhan t-saoghal a tha ag iarraidh an t-sìth leantainnich a tha na amas Crìosdail agus Nollaige.

Ged a bhios sinn tric a’ càineadh cheannardan phoilitigeach an t-saoghail tha an fheadhainn a rinn eadar-mheadhanachd gus fois-fòirneart ghoirid fhaotainn air a’ chogadh seo airidh air moladh. ’S math cuideachd gum bheil uimhir de dhùthchannan an t-saoghail deònach taic a chur ri còmhraidhean agus tagraidhean sìthe na sgìre. Tha fios nach tig sìth mhaireann eadar Israel agus Palestine gun aonta phoilitigeach, agus feumaidh ceannardan an t-saoghail taic agus smachd a chumail air a’ ghluasad sin chun an tig crìoch shuidhichte air, oir mar a chanadh mo sheanair “nì amadan sam bith cogadh, ach ’s e duine glic a nì sìth!”

Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk.