Beachd Ailein – 7 An Dùbhlachd 2023

’S neònach mur eil dìlse air a bhith na phàirt de ghiùlan mhic an duine bho thoiseach tìm, ach ged a tha am facal bitheanta gu leòr saoilidh mise nach eil an gnìomh idir cho làidir ann am beatha làitheil na dùthcha.

’S e mo bheachd gum bheil sin gu sònraichte fior ann an saoghal coimeirsealta agus gnìomhachais. Nam òige, tha cuimhne agam mar a bhiodh mo phàrantan agus nàbaidhean a’ cumail taic ris an aon mharsantan, luchd-ceàird, agus mar sin air adhart. Bha an luach dha gach taobh aithnichte, agus bha eòlas agus càirdeas a’ cruthachadh earbsa air gach taobh, chun na h-ìre glè thric is gum faigheadh daoine obair dèanta air chreideas.

Bhiodh “leabhar-creideis” anns a h-uile bùth agus aig a h-uile neach-malairt agus bha a’ mhòr-chuid den t-sluagh cogaiseach ann a bhith a’ pàigheadh an cuid fhiachan cho sgiobalta ’s a b’ urrainn dhaibh. Tha cuimhne agam air còmhradh le seann mhanaidsear banca air Ghàidhealtachd agus e ag innse mar a fhuair e cronachadh bhon àrd-oifis airson a bhith ag iasad cus airgid gun urras dha feadhainn nach robh nam “proifeiseantaich earbsach”, agus an toileachas a thug e dha innse dhaibh gur e proifeiseantach a bh’ anns an aon neach a dh’fhàillig a chuid iasaid a phàigheadh mar bu chòir!

Le beatha làitheil dhaoine an urra ri goireasan bunaiteach tha e air a bhith na chleachdadh aig buidhnean mòra nàiseanta a bhith ’s dòcha a’ giùlan ìre de chall air an cuid sheirbheisean dùthchail, ach a’ gabhail moit à bhith a’ frithealadh a’ mhòr-shluaigh. Mar a thuirt mi tha sluagh nan iomall air taic dhìleas a chumail ris na seirbheisean sin cuideachd, agus saoilidh mise gum bheil e na mhasladh gum bheil Banca na h-Alba a’ bagairt seirbheis banca-siubhail a sgur gu tur, agus Banca Rìoghail na h-Alba a-nise an dùil an tuilleadh mheangan air an iomall a dhùnadh. Aig àm far am bheil an casg a bh’ air na h-ìrean mhì-choltach tuarastail aig ceannardan bhancaichean ga thogail, agus far am bi gu cinnteach suimean do-chreidsinneach gam pàigheadh dha cuid aca a-rithist, nach eil e truagh da-rìribh gum bheil dìlseachd sluagh nan iomall ga chur ann an suarachas den t-seòrsa. Gun teagamh ma tha call mòr ga fhulang air ionad a chumail fosgailte bidh feum air dèiligeadh ri sin, ach ma tha buidheann da-rìribh a’ coileanadh seirbheis nàiseanta tha còir dleastanas a bhith orra goireasan leantainneach a ghleidheadh dha sluagh feadh na dùthcha!

Agus a’ bruidhinn air dleastanas, tha mise mar iomadh neach eile air m’ uabhasachadh a bhith faicinn gum bheil Oilthigh Obar Dheathain a’ beachdachadh Roinn nan Cànan aice a dhùnadh gu tur, agus Roinn na Ceiltis mar phàirt den sin! Mo mhìle nàire air ceannardan an ionaid a bhith cho ladarna deònach pàirt urramach de dh’eachdraidh agus cliù an Oilthigh, agus an ceangal le cuibhreann cho bunaiteach de chultar beartach na dùthcha a dhubhadh às. Tha mi ’n dòchas gun tèid frasadh ghearainean mun ceann a dh’atharraicheas an inntinn!

Allan Campbell (ailean@obantimes.co.uk)